Go Ad-Free
If you regularly use Hymnary.org, you might benefit from eliminating ads. Consider buying a Hymnary Pro subscription.
Text: | Seall Thall Tighinn Bhon Ear |
Author: | an t-Urr. Iain MacLeòid |
Tune: | AN T-EILEAN DORCHA |
Composer: | Iain MacLachliann |
1. Seall thall tighinn bhon ear le sealladh bho Nèamh,
Tha daoine nan cabhaig a' leantainn na rèilt;
San stàball le leanabh tha Moire cho sèimh
Am prasaich, gun dhearain, gràdh Dhè dhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.
2. Thàing ainglean gu talamh le moladh is seinn,
Air mòintich gach cìobair le chaoraich am faing;
Theich cadal is leum iad, le aoibhneas toirt taing,
Is ruith iad nan deann chun an stàbaill.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.
3. Cha sguir ainglean a chaoidh a' moladh a ghràidh,
San reult bidh soillse a dh'oidhche 's a là;
Bidh'm fonn ud nan cluasan 's nan crìdhe gu bràth
Am prasaich, san stàball, gràdh Dhè dhhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.
Text Information | |
---|---|
First Line: | Seall Thall Tighinn Bhon Ear |
Title: | Seall Thall Tighinn Bhon Ear |
Author: | an t-Urr. Iain MacLeòid |
Refrain First Line: | O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch' |
Language: | Scottish Gaelic |
Topic: | Christmas |
Tune Information | |
---|---|
Name: | AN T-EILEAN DORCHA |
Composer: | Iain MacLachliann (1958) |
Copyright: | La origino kaj kopirajta stato de tiu ĉi melodio, kaj de ĝia (sekulara) plej konata teksto (Dark Island), estas disputataj.; [The origin and copyright status of this melody, and of its (secular) best known text (Dark Island), are disputed. |
Media | |
---|---|
MIDI file: | ![]() |