Go Ad-Free
If you regularly use Hymnary.org, you might benefit from eliminating ads. Consider buying a Hymnary Pro subscription.
Text: | Leanabh an Àigh |
Author: | Màiri Dhòmhnallach (Mary Macdonald) (1817-90) |
Tune: | BUN EASAIN (BUNESSAN) |
Composer: | Anonima |
1. Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite
Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!
2. Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
3. Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama ghluais e'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'éirich e suas le buaidh o ùir.
4. Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
'S na h-àinglean àrd', b'e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.
Text Information | |
---|---|
First Line: | Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri |
Title: | Leanabh an Àigh |
Author: | Màiri Dhòmhnallach (Mary Macdonald) (1817-90) |
Language: | Scottish Gaelic |
Topic: | Christmas |
Source: | Laoidhean Nollaig (website; link broken) |
Tune Information | |
---|---|
Name: | BUN EASAIN (BUNESSAN) |
Composer: | Anonima |
Source: | Ancient Gaelic Melody |